Adolf Butenandt
B' e Adolf Friedrich Johann Butenandt (Bremerhaven 24 am Màrt 1903–München 18 am Faoilleach 1995) am bith-cheimigear Gearmailteach a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1939[1] còmhla ri Leopold Ružička, airson na h-obrach aca air brodagan gnè, ach dhiùlt an riaghaltas Nàsach e an duais fhaighinn. Rugadh e ann an Lehe, faisg air Bremerhaven, is dh'ionnsaich e ceimigeachd aig Oilthigh Mharburg is Oilthigh Ghöttingen. Sgrìobh e a theusais fo Adolf Windaus aig Göttingen. Chaidh e do Dhanzig ann an 1933 is Dahlem ann an 1936 far an deach e na cheannard Institiud Kaiser Wilhelm airson Bith-cheimigeachd. Rannsaich e ceimigeachd na gintinneachd an siud. Chaidh an t-institiud a ghluasad do Thübingen ann an 1944 is chaidh e na ollamh aig Oilthigh Tübingen. Bha e cuideachd na cheann-suidhe an t-Institiud Max Planck eadar 1960 is 1972.[2] Ghabhadh e ri Nàsachd.
Adolf Butenandt | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Bremerhaven, 24 dhen Mhàrt 1903 |
Dùthaich | A' Ghearmailt |
Bàs | München, 18 dhen Fhaoilleach 1995 |
Àite-adhlacaidh | Waldfriedhof ann am Munich |
Teaghlach | |
Cèile | Erika Butenandt (en) |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Mharburg Oilthigh Göttingen |
Stiùiriche an teusais | Adolf Otto Reinhold Windaus |
Oileanaich dotaireachd | Peter Karlson (en) |
Cànain | Gearmailtis |
Luchd-teagaisg | Adolf Otto Reinhold Windaus |
Dreuchd | |
Dreuchd | bith-cheimigear, ceimigear, neach-poileataigs agus neach-teagaisg oilthigh |
Àitichean-obrach | Gdańsk, München agus Tübingen |
Fastaichean |
Oilthigh Tübingen Oilthigh Göttingen Gdańsk University of Technology (en) Comann Kaiser Wilhelm Oilthigh Ludwig Maximilian ann am Munich Oilthigh Humboldt Berlin Oilthigh Mharburg |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh Phruiseach nan Saidheansan Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan ann am Berlin Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina Acadamh Fhrangach nan Saidheansan Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan Turnerschaft Philippina-Saxonia (en) |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Am Pàrtaidh Nàsach |
Iomraidhean
- “The Nobel Prize in Chemistry 1939”. Nobel Media AB. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2018.
- Karlsson, Peter (1d dhen Ghearran 1995): “Obituary: Professor Adolf Butenandt”. The Independent. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2018.