Adhamh MacFhearghais
B' e feallsanaiche, leabharlannaiche agus eachdraiche a bh' ann an Adhamh MacFhearghais (Beurla: Adam Ferguson) (20 an t-Ògmhios 1723 – 22 an Giblean 1816). Thathar ag ràdh gur e "athair sòiseo-eòlais nua-aimsireil" a bh' ann an Adhamh MacFhearghais.
Adhamh MacFhearghais | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Lag an Ràtha, 20 dhen Ògmhios 1723 |
Dùthaich |
![]() |
Bàs | Cill Rìmhinn, 22 dhen Ghearran 1816 |
Àite-adhlacaidh |
St Andrews Cathedral, Saint Andrews (en) ![]() |
Teaghlach | |
Athair | Adam Ferguson |
Màthair | Mary Gordon |
Cèile |
Catherine Burnett (en) ![]() |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann Oilthigh Chill Rìmhinn |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | feallsanaiche, leabhar-lannaiche, eachdraiche, luchd an airm, aistear, eaconamaiche, sgrìobhadair, clèir, sòiseo-eòlaiche, neach-teagaisg oilthigh agus seaplain |
Fastaichean |
Oilthigh Dhùn Èideann Advocates Library (en) ![]() |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Buaidh |
Montesquieu (en) ![]() |
Ballrachd |
Acadamh Phruiseach nan Saidheansan Comann Rìoghail Dhùn Èideann The Poker Club (en) ![]() The Select Society (en) ![]() |
Gluasad |
Soillseachadh na h-Alba Scottish Common Sense Realism (en) ![]() |
Ìre |
military chaplain (en) ![]() |
Creideamh | |
Creideamh | Seanaireachd |
Beatha
Rugadh e ann an Lag an Ratha ann an Athall. Bha Gàidhlig aige. Bha a athair na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Fhuair e foghlam ann an sgoil-pharaiste Lag an Ratha, ann an sgoil-ghràmair Pheairt agus ann an Oilthigh Dhùn Èideann is Oilthigh Obair Dheathain. Ann an Dùn Èideann, chuir e aithne air Ùisdean Blair, Alasdair Carlyle agus daoine eile a bha 'n sàs ann an Soillseachadh na h-Alba.
O chionn 's gun robh Gàidhlig aige, fhuair e dreuchd mar leas-mhinistear-feachd aig 43mh rèisimeid, "Am Freiceadan Dubh", ged nach do chuir e crìoch air a cheum ann an diadhaireachd. Bha e còmhla ris an rèisimeid gu ruige 1754. Às dèidh sin, dh'fhàg e an t-Arm agus chuir e roimhe a bhith na sgrìobhadair làn-thìde. Bha e a' fuireach ann an Leipzig anns a' Ghearmailt, thill e a Dhùn Èideann agus ann an 1757, fhuair e obair mar leabharlannaiche aig Roinn nan Tagraichean. A dh'aithghearr, fhuair e obair eile mar oide-ionnsachaidh do theaglach Iarla Bhòid. Bho 1759, bha MacFheargais na àrd-ollamh ann am feallsanachd nàdarra aig Oilthigh Dhùn Èideann. Ann an 1764, chaidh a ghluasad gu feallsanachd-inntinn agus beus-eòlas.
Leabhar-chlàr
- Essay on the History of Civil Society (1767)