Abraham Lincoln
'S e an siathamh ceann-suidhe deug nan Stàitean Aonaichte a bha ann an Abraham Lincoln (Siorrachd Hardin, Kentucky 12 an Gearran, 1809–15 an Giblean, 1865). Dh'fhàg e dìleas mhòr às a dhèidh mar ceann-suidhe a shàbhail na Stàitean Aonaichte o sgaradh a dh'adhbhraich an Cogadh Catharra Ameireaganach agus bha e cliùiteach cuideachd mar dheagh òraidiche. B' esan a' chiad cheann-suidhe nan SA a chaidh a mhuirt. 'S e John Wilkes Booth a chuir às dha.
Abraham Lincoln | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
1834 - 1842
4 dhen Mhàrt 1847 - 4 dhen Mhàrt 1849 ← John Henry (en) - Thomas L. Harris (en) → Sgìre: Illinois's 7th congressional district (en)
6 dhen t-Samhain 1860 - 4 dhen Mhàrt 1861 ← James Buchanan - Ulysses S. Grant → Taghadh: 1860 United States presidential election (en)
4 dhen Mhàrt 1861 - 15 dhen Ghiblean 1865 ← James Buchanan - Andrew Johnson → Taghadh: 1860 United States presidential election (en) , 1864 United States presidential election (en) | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Sinking Spring Farm (en) agus Hodgenville (en) , 12 dhen Ghearran 1809 | ||||||||
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte | ||||||||
Àite-fuirich |
Springfield Washington Perry County Hodgenville (en) Lincoln's New Salem (en) | ||||||||
Ciad chànan | Beurla | ||||||||
Bàs | Petersen House agus Washington, 15 dhen Ghiblean 1865 | ||||||||
Àite-adhlacaidh | Lincoln Tomb (en) | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | murt duine (shot to the head (en) ) | ||||||||
Murtair | John Wilkes Booth (en) | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Athair | Thomas Lincoln | ||||||||
Màthair | Nancy Hanks Lincoln | ||||||||
Cèile | Mary Todd Lincoln (en) (4 dhen t-Samhain 1842 - 15 dhen Ghiblean 1865) | ||||||||
Clann |
liosta
| ||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||||
Fine | Lincoln family (en) | ||||||||
Foghlam | |||||||||
Cànain | Beurla | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, maighstir-puist, neach-lagha, stàitire, tuathanach, oifigear agus sgrìobhadair | ||||||||
Àirde | 204 centimetre | ||||||||
Àitichean-obrach | Springfield agus Washington | ||||||||
Obraichean comharraichte | Gettysburg Address (en) | ||||||||
Buaidh | Bìoball, Sufferings in Africa (en) agus The Pilgrim's Progress (en) | ||||||||
Seirbheis san arm | |||||||||
Meur an airm | Illinois National Guard (en) | ||||||||
Ìre | caiptean | ||||||||
Strì |
Cogadh Black Hawk Cogadh Catharra Ameireaganach | ||||||||
Creideamh | |||||||||
Creideamh |
Baisteach ietsism (en) | ||||||||
Pàrtaidh poileataigeach |
Am Pàrtaidh Poblachdach Cuigse nan Stàitean Aonaichte National Union Party (en) | ||||||||
IMDb | nm1118823 | ||||||||
Rugadh e ann an Kentucky is thogadh e ann an Kentucky is Indiana. Dh'imrich e do New Salem, Illinois, far an deach a thaghadh e do sheanadh Illinois ann an 1834. Chaidh e na cheannard nan Cuigseach is dh'iomairt e is buill seanaidh eile gus prìomh-bhaile na stàite a ghluasad o Vandalia gu Springfield. Leig e a sheat suas ann an 1841 agus dh'obair e mar neach-lagha gu 1847 nuair an deach a thaghadh mar bhall Mhòr-dhàil, ach thill e gu lagha ann an 1849.
Thill e do phoileataigs an dèidh an Achd Kansas–Nebraska, an do rinn tràilleachd laghail tuath air 36° 30′ san ranntair Cheannachd Louisiana, ann an 1854 is bha e an sàs anns an iomairt an aghaidh tràilleachd. Bhuannaich e taghadh a' chinn-suidhe mar thagraiche Poblachdach ann an 1860. Dh'fhàg seachd stàitean san taobh a deas ro èideadh is thòisich an Cogadh Catharra Ameireaganach.
Rinn e an òraid ainmeil aig Gettysburg ann a 1863 is chaidh ath-thaghadh ann an 1864. Chaidh e a mharbhadh le John Wilkes Booth air 15 an Giblean 1865.[1]
Iomraidhean
- MacPherson, James (1999): “Lincoln, Abraham (1809-1865), sixteenth president of the United States”, American National Biography. Oxford University Press. doi:https://doi.org/10.1093/anb/9780198606697.article.0400631. Air a thogail 15mh dhen Ghiblean 2018.