Abraham Darby

B' e maighstir-iarrainn Shasunnach a bh' ann an Abraham Darby I (14 an Giblean 1678 - 8 am Màrt 1717).

Abraham Darby
Beatha
Breith Dudley (en) Translate, 14 dhen Ghiblean 1678
Dùthaich Rìoghachd na Breatainne Mòire
Bàs Coalbrookdale (en) Translate, 8 dhen Mhàrt 1717
Àite-adhlacaidh Shropshire
Teaghlach
Athair John Darby
Clann
Dreuchd
Dreuchd neach-tionnsgain, innleachdair, eòlaiche mhiotailtean agus einnseanair
Fùirneis-iarainn Darby, a-nis ann an taigh-tasgaidh iarainn Coalbrookdale.

Rugadh esan ann an Dudley, an Siorramachd Worcester far an robh athair na ghobha-ghlasan. B' e Cuaigearan a bha ann an teaghlaich. Dh'ionnsaich e a cheàrd e fhèin, fo shaor-mhuilinn ann am Birmingham roimhe 1699 nuair a phòs e.

Thog e fhèin is a' bhean ri Bristol, far an robh e an sàs ann an obair umha. Ghluais e bho obair umha ri iarann tilgte. Fhuair e taic de obraichean iarrainn aig Coal Brook Dale ri taobh Abhainn na Severn an 1708, far an d' rinn e poitean agus coireachan a mach à iarann "tilgte". Cha robh e fada 's na h-obraichean sin mus an do thoisich e a lorg connadh nas fheàrr (agus nas shaora) na gual-fhiodha a theasachadh na fùirneisean iarainn aige.[1]

Lorg e gu robh gual-fhiodha freagarrach (an 1709) agus o chionn 's gu robh gual tòrr nas pailte na fiodh, dh'adhbharaich leaghadh le gual lughdachadh an pris iarrainn nuair a thoisich dòighean eile a bhi ga cleachdadh iarrann a leaghadh. Dh'adhbharaich lughdachadh a' phrìs meudachadh an fhèille airson bathair iarrainn, agus cuir seo spionnadh air leasachadh eaconomachd air feadh Breatainn. Dh'eug e an 1717, ann am Madley, Shropshire. Chaidh a thìodhlachadh anns an cladh nan Cuaigear ann am Broseley.

Iomraidhean

  1. Shropshire – History – Abraham Darby, ironmaking pioneer”. BBC. Air a thogail 14mh dhen Ghiblean 2018.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.