Abhainn Canaich
Tha Abhainn Canaich a' sruthadh tro Ghleann Canaich air a' Ghàidhealtachd. Tha i mu 10 mìle (16 km) a dh'fhaid eadar loch tasgaidh Loch Mullardoch agus baile Chanaich. Tha i a' sruthadh do dh'Abhainn Glas san ear-dheas air Canaich. Tha dà eas ann an Abhainn Canaich: Eas Maol Mhairi agus Eas an Fhithich.
![](../I/River_Cannich_-_geograph.org.uk_-_214149.jpg.webp)
Abhainn Canaich eadar Loch Sealbhanach agus Loch Carrie
Tha rathad beag a' leantainn na h-aibhne à Loch Mullardoch do A831 aig Canaich.
Tha breac-donn a' fuireach ann an Abhainn Canaich agus a lochan.[1]
Bailtean
Fo-aibhnichean
- Allt na Faing
- Allt Coire Eòghainn
- Allt na Crìche
- Allt Liath-ruighe (Liatrie Burn)
- Allt a' Choire Dhuibh
- Allt Charaidh
- Allt an Inbhir
- Craskie Burn
- Allt Ghiubhais
- Allt Coillte
- Allt na Cruimadh
- Allt an Lùib Ghiubhais
- Allt Fèith a' Ghiubhais
- Allt a' Ghlais Choire
- Allt a' Choire Dhuibh
Iomraidhean
- Sandison, Bruce (2013) "Rivers and Lochs of Scotland. The Angler's Complete Guide 2013/14". Black and White Publishing. ISBN 1845027116
Ceanglaichean a-mach
- Abhainn Canaich air Gazetteer for Scotland Fios agus mapaichean(Beurla)
Lochan ann an Gleann Canaich
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.