A' Chananaich
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha anns a' Chananaich (Beurla: Fortrose)[1][2][3]. Tha am baile suidhichte air bruach Linne Mhoireibh air an Eilean Dubh eadar Abhach agus Ros Maircnidh. Tha e mu 10 cilemeatair san àird an ear-thuath Inbhir Nis. Anns a' bhliadhna 2001 bha 1,174 duine a' fuireach an seo[4].
A' Chananaich | |
Àrd-eaglais anns a' Chananaich | |
Suidheachadh | |
A' Chananaich (Alba) | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 34′ 55.2″ T 4° 7′ 55.2″ I |
Comharradh-clèithe | NH 726 568 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01381 |
Còd-puist | IV10 |
Tha am baile ainmeil airson na h-àrd-eaglaise a chaidh a thogail anns an 13mh linn. Anns an 17mh linn rinn Oliver Cromwell sgrios mòr air an togalach, bhris e na clachan às na bailtean airson an dùin ann an Inbhir Nis a thogail. An-diugh tha na tobhtaichean fo chùram Alba Aosmhor. Tha meadhan a' bhaile, eadar Castle Street, St Andrew’s Walk agus High Street na raoin-ghlèidhteachais. Tha sin a' gabhail a' chalaidh cuideachd [5].
Anns na Meadhan-aoisean bha na h-easbaigean dhen t-Siorrachd Rois a' fuireach anns a' Chananaich. Canar gun do dh’fhuirich Coinneach Odhar an seo cuideachd.
Còmhla ri Ros Maircnidh tha raon-goilf aige.
Iomraidhean
- “Fortrose - A' Chananaich”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
- SMO
- Ross, David (2001): “Fortrose”, Scottish place-names. Dùn Èideann: Birlinn, td. 92. ISBN 1-84158-173-9.
- Scotland's Census Result OnLineTeamplaid:Fix/category
- “Fortrose” (Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.
Ceanglaichean a-mach
- Am Baile: ‘Channery Town in Ross’ - dealbh bho ~1700Teamplaid:Fix/category
Bailtean | Abhach • Am Blàr Dubh • A' Chananaich • A' Mhanachainn • An Todhar • Cromba • Drochaid Sguideil • Poll Lochaidh • Ros Maircnidh |
Uisgeachan | Abhainn nam Manach • Abhainn Chonainn • Linne Chrombaidh • Linne Mhoireibh • Linne Fharair |
Àitichean sònraichte | Eaglais Chille Mhìcheil • Camas Uadail • Tarbhdail • Rubha na Cananaich |