A' Bheilg

'S e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a tha anns a' Bheilg,[1][2][3][4][5][6] (ainm oifigeil: Rìoghachd na Beilge). Tha crìochan aice leis an Òlaind, a' Ghearmailt, an Fhraing agus le Lucsamburg. 'S e ball den Aonadh Eòrpaich a th' innte. 'S e am Bruiseal am prìomh bhaile. Bruidhnear Walon ann an Wallonie, ann an ceann a deas na dùthcha. Ann an 2014 chaidh an sreath Cordon fhilmeadh anns an dùthaich.

Bailtean Mòra

Seo liosta na bailtean as motha anns a’ Bheilg:[7]

  • A’ Bhruiseal
  • Antwerpen
  • Gent
  • Charleroi
  • Liège
  • Brugge
  • Namur
  • Leuvain
  • Mons
  • Aalst

Daoine Ainmeil

Cànain anns a' Bheilg

Tha trì cànain oifigeil anns a' Bheilg: Duitsis no Fleamais, Fraingis, agus Gearmailtis. Chan eil fios le cinnt, oir chan eil cunntas-sluaigh air a bhith ann, ach a rèir choltais, tha 60% den t-sluaigh a' bruidhinn na Duitsis agus 40% den t-sluaigh a' bruidhinn na Fraingis. Tha luchd-cainnte na Duitsis a' fuireach gu h-àraid ann an ceann a tuath, ann am Flannras, agus luchd-cainnte na Fraingis ann am Wallonia. Tha Duitsis na Beilge agus Fraingis na Beilge eadar-dhealaichte gu ìre bho Duitsis nan Tìrean Ìsle agus Fraingis na Frainge.

Tùsan

  1. Am Faclair Beag
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
  3. Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0-903204-21-5
  4. Dùthchannan ag SMO
  5. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  6. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
  7. Mongabay

Dealban

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.