's-Hertogenbosch
‘S e baile meadhanach agus coimhearsnachd faisg air Tilburg, ann an ceann a deas Na Tìrean Ìsle a th' ann an 's-Hertogenbosch (sɛrtoːɣə(m)ˈbɔs, ainm goirid: Den Bosch). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Aa, 7m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Brabant an Tuath (Duitsis: Noord-Brabant), 81km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 31km bho Eindhoven, 63km bho Rotterdam, 81km bho Den Haag agus 46km bho Utrecht. Chaidh s-Hertogenbosch a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1196 agus tha an t-ainm a' ciallachadh Coille an Dùic, bho bosch (coille) agus de hertog (an diùc) (ginideach: (de)s hertogen) . Tha 141,893 duine a' fuireach ann.[2] 'S e prìomh-bhaile na roinne a th'ann 's-Hertogenbosch.
's-Hertogenbosch
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Noord-Brabant | ||||
Co-chomharran | 51° 42 00' Tuath 05° 19 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 91.26 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 141,893 (2012) | ||||
Dlùths | 1,554.82/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 073 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.s-hertogenbosch.nl/ |
Daoine ainmeil
- Hieronymus Bosch (mu 1450–1516). Dealbhadair.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.