Åland

Is e ceàrn fèin-riaghladh de Suòmaidh anns an Roinn-Eòrpa a tha ann an Åland ('oːland anns an Suainis neo Ahvenanmaa(n maakunta) anns an Fhionnais). Tha e na laighe anns a' Mhuir Baltach, eadar Muir Åland agus Muir na h-Innis-Mhara. 'S e buidhean de eileanan a th' ann. Tha eilean mòr ann ris an canar Fasta Åland. Tha an dàrna leth de na daoine a’ fuireach an-seo. Agus tha nas motha na 6,500 eileanan beaga ann. Tha iad mu 25 km air falbh bhon t-Suain. Is e Suainis an cànan oifigeil aca, ged a tha Åland a’ buntainn don Suòmaidh. Tha Mariehamn na prìomh-bhaile.

B' e pàirt de Rìoghachd an Suain a bha ann an Åland mus deach e pàirt de dh'Ìmpireachd na Ruise ann an 1809. An dèidh do neo-eisimeileachd Shuòmaidh ann an 1917 rinn na h-eileanaich iomairt a thilleadh dhan Suain. Cha do ghabh iad ri fèin-riaghladh a mhol Riaghaltas na Fionnlainn agus fhuair Åland a chuid fhèin-riaghlaidh tro rèiteachadh Lìog nan Nàisean agus Hjalmar Branting, prìomhair na Suaine aig an àm.[1]

Iomraidhean

  1. The special status of the Åland Islands”. Ministreachd Cùisean a-Muigh na Fionnlainn. Air a thogail 15mh dhen Dàmhair 2023.

Ceanglaichean a-mach

  • Åland – Duilleag oifigeil Åland
Åland
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.