Àrc-eòlas

Is e àrc-eòlas no àrsaidheachd an roinn sgoilearachd a dhèiligeas le ro-eachdraidh. Is e a tha ann an ro-eachdraidh na linntean a roimhe na h-eachdraidhean sgrìobhta a thàinig a-nìos chun latha an diugh. Fàsaidh na cunntasan nas tana nas fhàda a shùileas an sgoilar-eachdraidh air ais agus ged 's a tha cuid sgrìobhaidhean a dhol air ais ri (3000 RC) chan ann ach mirean de notaichean, ainmean air clachan cuimhne agus an leithid. Mar sin tha torr àrc-eòlais stèidhichte air an rannsachadh (le cladhadh gu faiceallach agus a' tomhais gach feart de) seann làraichean far an robh daoine a' còmhnaidh, neo a' coinneachadh neo a' tìodhlacadh na mairbh o chionn fhada. Mar sin thèid ath-chruthachadh air eachdraidh sòisealta ar sinnsearan tràth. 'S e àrc-eòlaiche a chanar ris an neach a tha an sàs ann an àrc-eòlas.

An Righ Adad-Nirari. Air a ghoid bhon Taigh Tasgaidh nàiseanta do Iorac ann an 2003, tron chogadh Ioràc

Àrc-eòlaichean ainmeil

  • Heinrich Schliemann

Rudan eile

  • Linn na Cloiche
  • Linn an Umha
  • Linn an Iarainn
  • Na Tursachan
  • Gleann Chille Mhàrtainn
  • Dùn Chàrlabhaigh, borg ann an Càrlabhagh
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.