Àrasaig

'S e baile beag ann an Loch Abar a tha ann an Àrasaig (Beurla: Arisaig).[1]

Àrasaig

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Siorrachd Inbhir Nis
Parraist Àrasaig agus Mùideart
Co-chomharran 56° 54′ 40″ Tuath
5° 50′ 33″ Iar
Comharradh-clèithe NM661864
Feartan fiosaigeach
Suidheachadh
Suidheachadh
Àrasaig
Suidheachadh Àrasaig air a' Ghàidhealtachd
Is dòcha thu sireadh Àrasaig, Siorrachd Antigonis.

Tha dà stèisein-rèile ann air Rathad Iarainn nan Eilean, aon ann an Àrasaig fhèin eadar Stad-rèile Bhiasdail agus Mòrar,[2] a thogadh ann an 1901,[3] agus stèisean eile, Stèisean Bhiasdail, eadar Àrasaig agus Loch Ailleart.

Tha Àrasaig air an rathad A830 eadar An Gearasdan agus Malaig, agus rinn Còmhdhail Alba an A830 eadar Àrasaig agus Loch nan Uamh dùbailte ann an 2009.[4]

Tha am MV Sheerwater a' toirt seirbheisean aiseig do na h-Eileanan Tarsainn.[5]

Taigh Àrasaig

Thogadh Taigh Àrasaig ann an 1863, chaidh e ath-thogail ann an 1937 an dèidh do teine, agus bha e na ionad-trèanaidh sònraichte don Special Operations Executive san Dàrna Cogadh.[6] Thogadh Stad-rèile Bhiasdail mar stad prìobhaideach airson an taighe ann an 1907, ach tha e fosgailte ri luchd-siubhail.[7]

Daoine ainmeil

Chaochail Alasdair mac Mhaighstir Alasdair an seo agus chaidh e a thìodhlacadh anns an cladh.[8]

Iomraidhean

  1. Arisaig/Àrasaig”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2017.
  2. Arisaig”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2017.
  3. Arisaig Railway Station”. Canmore. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2017.
  4. A830 Arisaig to Loch nan Uamh Project”. Còmhdhail Alba. Air a thogail 23mh dhen Fhaoilleach 2017.
  5. Wildlife Cruises, West Coast Scotland Ferry, Arisaig Marine”. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2017.
  6. Arisaig House”. Canmore. Air a thogail 24mh dhen Fhaoilleach 2017.
  7. Beasdale Halt”. Canmore. Air a thogail 23mh dhen Fhaoilleach 2017.
  8. Làrach nam Bàrd 18mh - Am Bàrd: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair”. BBC. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2017.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.