Àrainneachd Eachdraidheil Alba

Is e buidheann riaghaltais fo smachd Riaghaltas na h-Alba a th’ ann an Àrainneachd Eachdraidheil Alba (Beurla: Historic Environment Scotland). Is e a dhreuchd àrainneachd eachdraidheil na rìoghachd a ghlèidheadh agus fiosrachadh mu a dheidhinn a sgaoileadh. Tha còrr is 300 làraichean aige air feadh Alba.

Oifis Àrainneachd Eachdraidheil Alba ann an Dùn Èideann

Eachdraidh na buidhne

B’ e Alba Aosmhor (Beurla: Historic Scotland) ainm na buidhne aig an robh cùram nan làraichean eachdraidheil ann an Albainn bho 1991 gu 2015. Ach air 1 an Dàmhair 2015 chaidh Alba Aosmhor agus Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba (Beurla: Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland, RCAHMS) a chur còmhla fo sgèith an ainm ‘Àrainneachd Eachdraidheil Alba’, a’ leantainn bile thuige sin ann am Pàrlamaid na h-Alba san Ògmhios 2014.

Làraich

Na h-Eileanan an Iar

Tha sia làraichean aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba anns na h-Eileanan an Iar. Is iad:

Obar Dheathain

Name
Image Notes
Cathair-eaglais Mhachair Làrach Cruistean Cathair-eaglais Mhachair

Siorrachd Obar Dheathain

Name
Image Notes
Clach Brandsbutt Clach shnaighte Chruithneach
Caisteal Chorr Gairbh Taigh-tùir on 18mh linn a th' air a chuairteachadh le balla ann an cruth rionnag
Tursachan Chùl Fheàrnalaidh Tursachan le ochd clachan
Taigh-talmhainn na Cùilt Trannsa fon talamh a th' air a dheagh ghlèidheadh.
Abaid Dhèir Tobhtaichean Mainistir Chisteirseach
Taigh Duff Taigh-mòr Sheòrsach a dheilbh William Adam dhan Iarla Fhìobha
Clachan Snaidhte Dheis Dà chlach Chruithneach
Tursachan Easter Aquhorthies Cearcall tursa sìnte a tha mu 4,000 bliadhna a dh'aois
Caisteal Ghleann Buichead Taigh-tùir
Caisteal Hunndaidh Togalach-còmhnaidh baraineach na thobhta
Caisteal Cheann Droma Caisteal on 13mh linn
Eaglais Cheann na Coille Tobhtaichean de dh'eaglais paraiste on 16mh linn.
Taigh-solais Rubha Cheann Àird agus Taigh-tasgaidh Caisteal on 16mh linn a chaidh chleachdadh ann an 1787 mar thaigh-solais
Tursachan Loanhead Tursachan sìnte
Clach na Maighdinn Leac-croise Chruithneach on 9mh linn
Càrn Memsie Càrn mòr, math dh'aoidhte o Linn an Umha
Sonnach Lann Fhionain Togalach-còmhnaidh
Clach nam Piocaradach Clachan snaighte Chruithneach
Eaglais Mhoire, Auchindoir Eaglais parraiste o na Meadhan Aoisean
Uaigh Tharbhais Leac altarach aig William Forbes
Caisteal Tolquhon Caisteal a thog William Forbes, 7mh Fear Tolquhon, eadar 1584 agus 1589
Tursachan Tom an Aifrinn Cearcall tursa sìnte a tha mu 4,000 bliadhna a dh'aois

Fìobha

Name
Image Notes
Caisteal Obar Dobhair Caisteal le gàrradh dùinte agus barraidean le tucaid.
Abaid Chuileann-Rois Tobhtaichean mainistir Cisteirseach a stèidhicheadh ann an 1217.
Clach Dogton Clach a bha uair na crois Chruithneach a sheasadh leatha fhèin, 's mathaid às an 9mh linn.
Abaid Dhùn Phàrlain Tha mòran rìghrean agus bàn-rìghrean na h-Alba tìodhlaichte ann an eaglais na h-abaid.
Lùchairt Dunfermline Palace Lùchairt a bha roimh na lùchairt rìoghail Albannach far an do rugadh Teàrlach I ann an 1600.
Abaid Innis Choluim Fearann manachainn agus abaid air Innis Choluim san Linne Foirthe.
Caisteal Chreag an Fhithich Fear de dhùin nan gunnaichean mòra as sine ann an Alba.
Tùr Scotstarvit Ainmeil mar an taigh a bh' aig Sir John Scot.
Caisteal Chill Rìmhinn Am prìomh thaigh-còmhnaidh aig easbaigean agus àrd-easbaigean Chill Rìmhinn.
Cathair-eaglais Chill Rìmhinn Tobhtaichean na h-eaglais as motha agus as mòraile o Alba meadhan-aoiseil.
Cill Rìbhinn: Caibeal nam Manach Dubh Tobhta eaglais nam bràithrean-bochd Doiminiceach a thoghadh mu 1516.
Cill Rìmhinn: Eaglais Mhoire, Kirkhaugh An eaglais cholaisteach as sine an Alba.
Cill Rìmhinn: Geata an Ear Chill Rìmhinn Fear de na geatan bhaile a mhaireas fhathast ann an Alba.
Eaglais Bhrìghde, Dealgadaidh Tobhta eaglais meadhan-aoiseil.

Glaschu

Name
Image Notes
Caisteal Crookston Tobhta caisteil neo-àbhaisteach on 15mh linn.
Cathair-eaglais Ghlaschu Cathair-eaglais a thogadh air an làrach far a creidear gun deach Naomh Ceann Tighearna a thìodhlachadh.

Gàidhlig aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba

Tha Oifigear Gàidhlig agus Plana GàidhligTeamplaid:Fix/category aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Tha faclair aca a mhìnicheas facalan sònraichte air an àrainneachd eachdraidheil. Tha goireasan Gàidhlig aca, gu h-àraid follseachaidhean Gàidhlig ann an cruth pdf, torr dhiubh airson clann-sgoile agus tidsearan.

Foillseachaidhean Gàidhlig

Linn na Cloiche

Ròmanaich

Clachan

Croisean

Caistealan

Daoine is tachartasan, 1500-1750

Nuadh-shìbhealtas

Measgaichte

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.