Àird nan Saor
'S e baile ann an Alba a tha ann an Àird nan Saor[2][3] (Beurla: Ardersier). Tha e na laighe air Linne Mhoireibh, faisg air Inbhir Nis agus Cùil Lodair.
Àird nan Saor | |
Suidheachadh | |
Àird nan Saor (Alba) | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Inbhir Narann |
Co-chomharran | 57° 34′ 9″ Tuath 4° 2′ 16″ Iar |
Comharradh-clèithe | NH782550 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,150[1] (2011) |
Tha seann ghàrradh ola 4km mu thuath air aʼ bhaile. Dh'fhosgail an làrach tràth sna 1970an, mar Ghàradh Togail MhicDhiarmaid, airson clàir a thogail airson raointean ola agus gas aʼ Chuain a Tuath. Bha 4500 duine a' faighinn cosnaidh ann suas chun nan 1980an, agus chaidh cuid de na clàran-ola as motha a thʼ anns a' Chuan a Tuath a thogail ann. Chaidh a dhùnadh ann an 2001.
Tha Gearastan Deòrsa, daingneach cho mòr 's a tha am Breatainn, air rubha 3km an iar-thuath air a' bhaile.
Iomraidhean
- Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2016.
- Alba le Roy Pedersen
- “Ardersier/Àird nan Saor”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Iuchar 2020.
Ceanglaichean a-mach
- BBC Naidheachdan 2014-08-20: Cead do leasachadh Àird nan Saor
- BBC Naidheachdan 2016-03-01: Làrach Àird nan Saor air a' mhargaidh
- BBC Naidheachdan 2016-11-01: Gàradh Àird nan Saor air a reic
Bailtean | Àird Chlach • Àird nan Saor • Allt Èireann • Buidead • Caladair • Crothaidh • Cùl a' Chàrra • Dalas Choille • Deilgnidh • Feàrnais • Inbhir Narann • Tom a' Phìobair |
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.